<

Kessock Equine vetsBheataichean Eich- A' Frithealadh Inbhir Nis & Ceann a Tuath na h-Alba

'S i buidheann bheat a dh'aona-ghnothach airson eich a th' ann an Bheataichean Eich Cheiseig a tha a' frithealadh ceann a tuath na h-Alba. Tha Bheataichean Eich Cheiseig stèidhichte ann an Inbhir Nis agus bidh iad, a-mhàin, a' làimhseachadh eich, pònaidhean, asalan agus muileidean. 'S i an aon bhuidheann bheat air Ghàidhealtachd a tha toirt cùram do bheathaichean eich a-mhàin.


Carson a chleachdadh sibh Bheataichean Eich Cheiseig airson cùram ur n-eich?

  • 'S i buidheann sònraichte airson eich a th' annainn, a tha a' lìbhrigeadh seirbheis chàirdeil is phroifeiseanta. Tha sinn eòlach air a' chuid mhòr de ar luchd-dèiligidh agus tha ùidh phearsanta againn ann am fallaineachd am beathaichean
  • Goireasan ospadail is lannsa a' fosgladh sa Mhàrt 2007
  • Seirbheis èiginn 24-uairean dha eich a-mhàin
  • Deagh inbhe de fhiaclaireachd eich
  • Cùram-bheat neo-chosgail dha ur n-each
  • Chan fhaic sibh ach bheat-eich uair sam bith - chan e bheataichean thuathanais no bheathaichean beaga, a bhios a' frithealadh eich corra uair
  • Uairean-obrach sùbailte - tha sinn mothachail gu bheil mòran de shealbhadairean eich ag obair làn-ùine gus pàigheadh airson an cur-seachad, is mar sin bidh sinn a' tòiseachadh tràth is a' crìochnachadh anmoch rè mìosan an t-samhraidh gus dèiligeadh ri ur tràthan trang
  • Sàr uidheam leasachail - agus sgilean airson a chleachdadh
  • Cùram slàinte aonaichte dha ur n-each - co-obraichidh sinn le ur n-each-lèigh, ur n-anaclair-cuirp, ur dearnadair no ur teicneòlaiche fiaclach gu math ur n-eich. Tha liosta againn de dh'anaclairean, de dhearnadairean, each-lèighean etc agus bhiodh sinn toilichte innse dhuibh mar a chuireadh sibh fios orra.
  • Eòlaichean-eich tadhail bho University of Edinburgh Veterinary School (Sgoil Rìoghail Dick Lèigh Bheathach) agus Sgoiltean Lèigh Bheathach Oilthigh Ghlaschu. Studies)

Còdhailean

Cuiribh fios gun oifis air 01463 731107, 9m gu 5f Diluain gu Dihaoine agus 9m gu 1f air Disathairne airson còdhailean gnàthach a chur air dòigh. Bithear a' dèiligeadh ri fiosan èiginn aig àm sam bith den latha no den oidhche.

Beachdan Eile is Cùisean Breithneachaidh

Gabhaidh sinn ri cùisean a thig a-steach airson breithneachadh bho bhuidhnean bho air feadh ceann a tuath na h-Alba. Tha làn liosta de mhodhan taghach is prìsean ri fhaighinn le iarrtas.

A' Pàigheadh

Airson Bheataichean Eich Cheiseig a phàigheadh tha sinn air foirm-pàighidh tèarainte a thabhann gus seo a dhèanamh furasta.

Inverness Horse VetsSgìre Gnìomhachd

Tha sinn a' tabhann seirbheisean bheat tro Shiorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Narainn, pàirtean de Mhoiribh, An t-Eilean Dubh agus Siorrachd Rois. Ma tha sibh a' fuireach taobh a-muigh nan àitean sin (ach taobh a-staigh na Gàidhealtachd is nan Eilean) bidh sinn toilichte sealltainn ri ur n-each ach 's dòcha gum bi agaibh ris an each a thoirt thugainn. Tha sinn cuideachd a' ruith chlionaigean ann an Loch Abar, Ros an Iar agus anns an Eilean Sgitheanach. Ma tha sibh ag iarraidh oirnn sùil a thoirt air ur n-each no cùram fiaclach a thoirt seachad cuiribh fios thugainn agus bidh sinn toilichte beachdachadh air ur n-iarrtasan no comhairle a thoirt dhuibh an-asgaidh.

Àrachas Eich

Tha sinn a' moladh gum bi àrachas agaibh mu choinneimh cìsean meidigeach (bheat) agus tha sinn air liosta de bhuidhnean àrachais agus fiosrachadh mun deidhinn a chur air an duilleig Fiosrachadh Feumail

Stiùireadh gun oifis ùir againn

Bhon cheann a tuath: Gabhaibh an A9 deas bhon chearcall-rathaid aig An Todhar agus tionndaidhibh gun làimh chlì airson Bun Lòchaidh gu rathad B1961. Tionndaidhibh gun làimh dheis an dèidh Munro's Garden Centre- 's e Druim Smiodail a th' air an t-soidhne seo. An dèidh mu mhìle chì sibh Black Isle Wildlife Park air ur làimh dheis agus tha sinne air ur làimh chlì.

Bho dheas: Air an A9 gu tuath, gabhaibh comar Cheiseig a Tuath agus leanaibh na soidhnichean airson Druim Smiodail is Cille Mhoire. Rachaibh seachad air an t-seann taigh-sgoile air an làimh chlì, suas bruthach chas. Aon uair 's gu bheil sibh thairis air mullach a' chnuic, tha an oifis air a' chiad tionndadh air an làimh dheis.

.

LATEST NEWS

Five-pound off promotion

We now have a long-term offer of £5 off, when vaccines and dental work is performed at the same time.  Please call for details.

Training Courses

 All of our veterinary staff attend continuing education to keep abreast of the latest developments in equine medicine.  There is some in-house training on clinical pathology in February 2010 and Louise is attending an advanced breeding course in March.  Chris attended an advanced radiology course in London and Louise recently completed her FEI course earlier last summer.  Caroline and Louise attended the BEVA conference in Birmingham in September and Keith presented a lecture on eye disease there. Keith attended the London Vet conference in November and we also attended a horse rescue course in October.

AI Success

We had a great breeding season in 2009 and now is the time to start thinking about 2010.  Please contact us now to discuss your requirements for the 2010 breeding season.  Many foals have been born in the Highlands last year to artificial insemination and if you are interested in breeding your mare in 2010, please call or come in for a chat. 


Don’t forget we offer Clipping and Trimming service whereby you can bring your horse in to the clinic to be sedated and trimmed up ready for shows. Please call our office for more information.

 

View more news ....

.